Sgeama iasaid do croitearan agus tuathanaich

Tòisichidh sgeama iasaid le Riaghaltas na h-Alba an-diugh airson croitearan agus tuathanaich a chuideachadh ma tha dàil air a bhith orra a' faighinn taicean-subsadaidh àiteachais.

Tha £20m air a' chur mu seach leis an riaghaltas airson taic a thoirt do dhaoine a tha a' fulang is iad a' feitheamh ri airgead bho sgeama taic an CAP.

Fon sgeama, bidh cothrom aig daoine nach d' fhuair a' chiad phàigheadh, agus nach fhaigh taic bhon bhanca aca, air iasad gun riadh bhon riaghaltas.

Gheibh iad suas ri 60% dhen iarrtas subsadaidh aca - suas gu £20,000.