Ceist ann mu Bhlas
- Air fhoillseachadh

Thog Fèisean nan Gàidheal dragh mu mholaidhean 'son maoineachadh na fèise, Blas, a ghearradh.
Chaidh an fhèis a stèidheachadh le Comhairle na Gàidhealtachd is e stèidhichte air modal Celtic Colours ann an Ceap Breatainn.
'S iad Fèisean nan Gàidheal a tha a' stiùireadh na fèise as leth an ùghdarrais.
Dh'fhaodadh an càirdeas sin, agus fiù 's an fhèis fhèin, a-nise a bhith ann an cunnart.
Thuirt Àrd-Oifigear Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig, gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd airson buidseat Bhlas a ghearradh 81% thairis air an ath thrì bhliadhna.
Tha Mgr MacCarmaig ag ràdh gu bheil e mothachail gum bi gearraidhean ann is gum feum Fèisean nan Gàidheal cuid dhuibh fhulang.
Ro mhòr
Thuirt e, ge-tà, gu bheil na gearraidhean seo ro mhòr.
Thog e ceist cuideachd carson a chaidh Blas a chomharrachadh nuair nach eil buidhnean cultarail eile a' fulang na h-aon gearraidhean.
Bu chòir co-ionnanachd a bhith ann eadar na diofar bhuidhnean, thuirt Mgr MacCarmaig.
Dh'innis e cuideachd gu bheil Blas a' toirt £9 a-steach dha eaconomaidh na Gàidhealtachd 'son gach £1 a tha Comhairle na Gàidhealtchd a' cosg air an fhèis.
Tha Mgr MacCarmaig air sgrìobhadh gu Àrd Oifigear Comhairle na Gàidhealtachd, Steve Barron, mun chùis.
Thuirt Mgr MacCarmaig gum feum a' Chomhairle co-dhùnadh a bheil iad ag iarraidh Blas a bhith ann, is ma 's e is gu bheil, gum feum iad taic a bharrachd a thoirt seachad na thathas a' moladh.
Ma thèid an gearradh air adhart, dh'fhaodadh nach bi gnothach a bharrachd aig Fèisean nan Gàidheal ris an fhèis, thuirt e.
Chan e seo a' chiad turas a tha gearraidhean air ceist a thogail mu Bhlas.
Thuirt Mgr MacCarmaig ann an 2010 gum faodadh sàbhalaidhean an uairsin cur às dhan fhèis.
Dùbhlan
Thuirt Ceannard Buidseat Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Fernie, nach robh a-riamh dùbhlan cho mòr aca buidseat a chothromachadh, is feum aca air cha mhòr £40m a shàbhaladh.
Dh'innis Mgr Fernie gu bheil a' Chomhairle air èisdeachd ri beachdan a' phobaill is gu bheil iad air feuchainn ri cuid de rudan mar na rathaidean, foghlam is cùram sòisealta a dhìon.
Thuirt e, ge-tà, nach gabh a h-uile sian a dhìon is gum feumar co-dhùnaidhean nach bi tlachdmhor ach a tha riatanach a dhèanamh.
Thuirt Mgr Fernie cuideachd gun deach rannsachadh mòr a dhèanamh air gach moladh is a' bhuaidh a bhiodh aca.
Thèid buidseat Comhairle na Gàidhealtachd a stèidheachadh Diardaoin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 23 An Gearran 2016