Fuireach no falbh

Dè a' Bheurla air déjà vu?

Ann ceann ceithir mhìosan, thèid sinn do na h-ionadan-bhòtaidh gus slighe air adhart a thaghadh airson na dùthcha.

Am bu chòir dhuinn fuireach mar phàirt de dh'aonadh nas motha no falbh gus barrachd neo-eisimeileachd a choisinn dhuinn fhìn?

A bheil sinn nas sàbhailte anns an aonadh sin, no am biodh barrachd saorsa againn air an taobh a-muigh?

Dè a' bhuaidh a bheireadh bhòt taobh seach taobh air an eaconomaidh, cosnaidhean agus peinnseanan?

Agus, nas bunaitiche na ceist sam bith eile, cò sinne? Dè an càirdeas as iomchaidh leis na dùthchanan as fhaisge oirrn?

Soilleir

Tha muinntir na h-Alba cleachdte ris na ceistean seo.

Nuair a thèid an cur a-rithist anns an reifreann air ballrachd na Rìoghachd Aonaichte anns an Aonadh Eòrpach, bidh àite na h-Alba anns an dà aonadh an crochadh air an fhreagairt.

Ged nach bi iomradh air Alba air a' phàipear-bhaileit, rinn Nicola Sturgeon soilleir a-rithist Didòmhnaich gun leanadh bhòt eile air neo-eisimeileachd nam bhòtadh an còrr dhen Rìoghachd airson an t-Aonadh Eòrpach fhàgail.

Mas fhìor na cunntasan-bheachd, tha mòrchuid de dh'Albannaich aig toiseach na h-iomairt seo airson fuireach anns an Aonadh Eòrpach.

Le ceithir mìosan ri dhol dh'fhaodadh sin atharrachadh.

Ach nam bhòtadh Alba an aghaidh a' chòrr aig deireadh an Òg-mhios, tha am prìomhaire a' creidsinn gum bu chòir faighneachd am bu toil leinn fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte tuilleadh.

Cunnart

Air thoiseach air reifreann 2014, bha àite na h-Alba anns an Roinn Eòrpa na cheist chudromaich.

Shoirbhich le argamaid luchd an Aonaidh gum biodh an t-àite sin fo chunnart nam bhòtadh Alba gus an Rìoghachd Aonaichte fhàgail.

Cha ghabh sin a dhearbhadh a-nis.

Ach is ann mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte a tha àite na h-Alba anns an Aonadh Eòrpach fo cheist ann an 2016.

Air a' cheist seo, tha na pàrtaidhean aig Holyrood uile air an aon ràbh.

Ach bidh iad ag iomradh an aghaidh a chèile a-rithist ma tha bhòt eile air neo-eisimeileachd air fàire.

Tomhas

Do chuid, gu h-àraid anns a' phàrtaidh Thoraidheach ann an Sasainn, is i ceist fèin-aithne a tha anns a' cheist Eòrpaich.

Dhaibhsan, agus do chuid dhen luchd-bhòtaidh, cha toir na dh'aontaich Dàibhidh Camshron anns a' Bhruiseil an t-seachdainn a chaidh buaidh sam bith.

Ann an Alba, is coltach gur i a' cheist Bhreatannach a bheir buaidh air fèin-aithne dhaoine, gu pearsanta agus gu poileataigeach.

Mar a thachair ann an Alba ann an 2014, bidh an dà thaobh ag amas air an fheadhainn anns a' mheadhan, a nì tomhas a rèir a' bhuaidh a bheireadh co-dhunadh fuireach no falbh orra bho latha gu latha.

Ach bheir an co-dhunadh sin buaidh fad bhliadhnaichean.

Is ann air an 23mh dhen Òg-mhìos a dh'fheumas sinn a dhèanamh.