BBC Naidheachdan

Sgoiltean Sgitheanach air an glèidheadh

Published
Co-dhùin siorraidh gun robh e ceart gun deach cead a dhiùltadh do Chomhairle na Gàidhealtachd ceithir bun-sgoiltean san Eilean Sgitheanach a dhùnadh.
Bha a' Chomhairle airson bun-sgoiltean an Aodainn Bhàin, Dhùn Bheagain, A' Chnuic Bhric agus t-an Sruthain a dhùnadh.
'S e a bha nam beachd ach bun-sgoil ùr a thogail ann an Dùn Bheagain nan àite.
Rinn pàrantan san sgìre strì an aghaidh a' phlana.
Air a' cheann thall, chuir Panal Ath-Sgrùdaidh Dùnadh nan Sgòiltean stad air a' Chomhairle.

Dleasdanas

Fhuair am Panal nach do rinn a' Chomhairle an dleastanas fon lagh a thaobh co-chomhairle air a' ghnothach.
Rinn Comhairle na Gaidhealtachd tagradh an aghaidh a' cho-dhùnaidh.
Tha a' Chomhairle a-nise air an tagradh sin a chall.
Thuirt Cathraiche Comataidh Foghlam na Comhairle, Drew Miller, gur e briseadh dùil a bh' ann dhaibh agus gum beachdaich iad air a' chùis a-rithist.
Thuirt e cuideachd gur e foghlam na cloinne an rud as cudromaiche dhan Chomhairle.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Sgoiltean Sgitheanach gus fuireach fosgailte