FlySkye diombach le plana na comhairle
- Air fhoillseachadh
Rinn a' bhuidheann FlySkye càineadh air Comhairle na Gàidhealtachd mu mholadh gus raon-laighe Aiseig a chur bhuapa.
Tha FlySkye ag iomairt airson seirbheisean-adhair a stèidheachadh às ùr eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Tìr-Mòr.
Bha a' chompanaidh Loganair a' ruith sheirbheisean a-mach à Raon-Laighe Aiseig suas gu 1988.
Feumaidh Comhairle na Gàidhealtachd cha mhòr £40m a shàbhaladh gus am buidseat a chothromachadh.
Mar phàirt den sin, tha iad a' coimhead ris na raointean-laighe a th' aca ann an Aiseag, sa Phloc agus ann an Dòrnach.
'S e tha iad a' moladh ach a bhith a' sguir dhen na goireasan sa Phloc agus ann an Dòrnach a stiùireadh agus a chumail aig ìre, feuch an gabhadh a' choimhearsnachd smachd orra.
Coimearsalta
A thaobh Aiseig, thuirt a' Chomhairle nach eil iad ann an suidheachadh an raon-laighe a ruith gu coimearsalta.
Tha iad a' moladh gum bu chòir do bhuidheann phrìobhaideach an raon-laighe a ghabhail thairis.
Uile gu lèir, bhiodh sàbhaladh do £28,000 ann dhan Chomhairle.
Feumar coimhead ris a' chùis a-rithist, am beachd FlySkye.
Thuirt Boyd Robasdan bhon bhuidhinn gum b'fheàrr leis gun gabhadh Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean, HIAL, an goireas os làimhe.
Cha bhiodh FlySkye idir comhfhurtail, thuirt e, an raon-laighe a bhith san roinn phrìobhaidich.
Aonta
"Bha aonta ann roimhe eadar Comhairle na Gàidhealtachd is companaidh phrìobhaideach is cha do dh'obraich sin is cha do thachair càil a thaobh seirbheis-adhair ath-stèidheachadh", thuirt Boyd Robasdan.
"Tha seo car neònach. Tha Comhairle na Gàidhealtachd mar aon de na trì buidhnean poblach a tha air a bhith an lùib nan sgrùdaidhean mu sheirbheis-adhair ath-thòiseachadh.
"Bha coinneamh bho chionn ghoirid ann am Port Rìgh far an robh companaidh a bha air fhasdadh leotha airson coimhead air dè an t-iarrtas a bh' ann airson seirbheis.
"Bha e follaiseach gun robh fìor fheum air seirbheis.
"Cha deach dad a ràdh le riochdaire Comhairle na Gàidhealtachd aig a' choinneimh sin. Chan eil fios agam cò às buileach a tha seo air tighinn, nas lugha dìreach gur e na gearraidhean san fharsaingeachd", thuirt e.
Thuirt Mgr Robasdan gu bheil e a' tuigsinn gun tèid argamaid a dhèanamh an aghaidh a' phlana nuair a thèid buidseat Comhairle na Gàidhealtachd aontachadh Diardaoin.