Caol Àcain tro na bliadhnaichean

Image copyright Cailean Hattersley

Tha na ceudan de dhealbhan bho Chaol Àcain eadar na 1950'an is na 1970'an a' nochdadh ann am pròiseict ealain ùr.

'S i Joan Wilcock (1895-1994) a thog na dealbhan.

Tha neach-ealain eile, Nicky Bird, a-nise air taisbeanadh a dhèanamh leotha le taic bho Atlas Arts, Chomann Eachdraich Chaoil Àcain agus Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.

Thèid feadhainn de na dealbhan bhon phròiseict, air a bheil 'Travelling The Archive', a thaisbeanadh ann an Caol Àcain air an 19mh den Mhàirt.

Mar phàirt den phròiseict, thog Cailean Hattersley dealbhan de chuid de mhuinntir an àite san là a th' ann leis na seann dealbhan.

Image copyright Cailean Hattersley
Image copyright Cailean Hattersley
Image copyright Cailean Hattersley