Ceistean mu ospadal ùr

Dotair

Thuirt Comataidh Ath-Chuingean Pàrlamaid na h-Alba gu bheil ceistean fhathast rim freagairt mu ospadal ùr dhan Eilean Sgitheanach, Loch Aillse is Iar-Dheas Rois.

Fhuair a' chomataidh gum bu chòir ath-chuinge mun chùis a chumail fosgailte agus a dhol air beulaibh na comataidh a bhios ann às dèidh an taghaidh sa Chèitean.

Cho-dhùin Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ann an 2014 gur ann san Ath-Leathann a bu chòir ospdal ùr a bhith stèidhichte.

Tha luchd-iomairt a' cumail a-mach gum fàg na planaichean gu bheil seirbheisean ann an ceann a tuath an eilein gan lùghdachadh.

'S e a' bhuidheann-iomairt SOS-NHS a chuir an ath-chuinge air adhart, is 4,500 duine air taic a chur ris.

Laigsean

Tha iad ag ràdh gun robh laigsean mòra san dòigh 's a rinn NHS na Gàidhealtachd co-dhùnadh, is nach robh co-chomhairle cheart ann.

Dh'iarr iad an gun cuireadh Riaghaltas na h-Alba an co-dhùnadh an dàrna taobh, is gun rachadh Panal Sgrùdaidh Neo-Eisimilich a stèidheachadh 'son plana a dhealbh air feumalachdan slàinte an Eilein Sgitheanaich, Loch Aillse is Iar-Dheas Rois.

Thuirt Cathraiche Comataidh nan Ath-Chuingean, Mìchael McMahon, nach d'fhuair iad freagairtean dha na ceistean air fad a bh' aig an luchd-iomairt.

"Tha dragh mòr ann gun deach co-dhùnadh a dhèanamh gun co-chomhairle cheart", thuirt Mgr McMahon.

"Chan urrainn dhuinn an ath-chuinge a dhùnadh is bu chòir dhan ath-chomataidh coimhead ri seo.

"Fiù 's mura gabh an co-dhùnadh fhèin atharrachadh, feumar leasanan ionnsachadh", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile