Cùmhnant a' bhàta-slaodaidh ga leudachadh
- Air fhoillseachadh

Chaidh cùmhnant a' bhàta-slaodaidh a tha a' frithealadh cheann a tuath na h-Alba a leudachadh airson sia mìosan eile.
Bha an cùmhnant airson a' bhàta, a tha stèidhchte ann an Arcaibh, gu bhith a' tighinn gu ceann anns a' Mhàirt.
'S e an aon bhàta-slaodaidh anns an rìoghachd a th' air a mhaoineachadh leis an Riaghaltas.
Dhearbh Ministear na Còmhdhail, Raibeart Goodwill, gun lean am maoineachadh sin chun t-Sultain 's dragh ann roimhe gum faodadh an t-seirbheis a bhith air a call an lùib ghearraidhean an Riaghaltais.
Thuirt e gun robh barrachd ùine a dhìth mus tig Buidheann nam Maor-cladaich gu co-dhùnadh deireannach mu na tha an dàn dhan t-seirbheis.
Fàilte mhòr
Thuirt ball-pàrlamaid Arcaibh agus Shealltainn, Alasdair MacIlleMhìcheil, a bha ag iomairt airson am bàta-slaodaidh a ghlèidheadh, gur e fìor dheagh naidheachd a bh' ann.
Chaidh na bàtaichean-slaodaidh a thoirt a-steach ann an 1994, nuair a dh'fhoillsichear aithisg oifigeal mu thubaist a' Bhraer far Shealltainn a' bhliadhna roimhe.
Tha iomagain mhòr air a bhith ann mun bhuaidh a dh'fhaodadh tubaist eile dha leithid a thoirt air àrainneachd a' chinn a tuath ma thèid an aon bhàta a th' air fhàgail a thoirt air falbh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An Dùbhlachd 2015