Ministear ùr airson Eaglais Shaor Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh

Ghabh an t-Urr. Seumas MacÌomhair ri gairm a dhol na mhinistear air Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Tha Mghr MacÌomhair, a tha 61, air a bhith na mhinistear air coithional a' Chnuic anns an Rubha ann an Leòdhas bho 1997.
Thèid a phòsadh ri coithional Steòrnabhaigh air an 23mh là dhen ath-mhìos.
"Co-dhùnadh duilich"
Thuirt Mghr MacÌomhair gur e co-dhùnadh duilich a bh' ann dha, 's ceangal dlùth aige ris a' choithional aige anns an Rubha.
Rinn e moladh mòr air an taic a thug iad dha fad 19 bliadhna.
Bha e roimhe na mhinistear ann an Cille Bhrìghde an Ear agus bha e na mhodaràtair air Àrd-sheanadh na h-Eaglaise ann an 2011.
Gabhaidh e àite an Urramaich Ìomhar Màrtainn a tha a-nis na Phrionnsabal làn-ùine air Seminary Diadhaireachd Dhùn Èideann.
Tha an t-Urr. Coinneach I. MacLeòid na leas-mhinistear air a' choithional.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An Cèitean 2015
- Air fhoillseachadh22 An t-Iuchar 2015