Peanas ùr na h-iomain
- Air fhoillseachadh
Dh'fhoillsich Comann na Camanachd peanas ùr nas cruaidhe dha sgiobaidhean a tha a' tarraing a-mach à geamaichean.
Tha gearanan air a bhith ann nach robh na riaghailtean làidir gu leòr.
Dh'fhàg sin gun robh cuid an amharas nach robh clubaichean daonnan a' dèanamh làn oidhirp geama a chluich nuair a bha trioblaidean aca.
Bidh fo-riaghailt ùr a' bualadh air sgiobaidhean ann an Lìog Tuath 2 is Lìog Deas 2.
Faodaidh geamaichean a chur dheth a-mhàin ri linn na sìde no bàs ann an coimhearsnachd.
Ma thèid geama a chur dheth air adhbhar eile a-nise, thèid an dà phuing dhan sgioba eile.
Càin
Ma chuireas cluba trì geamaichean dheth san dòigh seo ann an seusan, thèid càin de £100 orra, le £10 a bharrachd 'son gach geama às dèidh sin.
Dh'fhaodadh an riaghailt buaidh mhath a thoirt air Camanachd Leòdhais, is clubaichean air tarraing a-mach à geamaichean nan aghaidh san eilean faisg air deireadh an t-seusain anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
Am measg atharrachaidhean eile a th' ann, thuirt Comann na Camanachd gum faod iad deuchainnean drugaichean a dhèanamh air cluicheadair aig àm sam bith.
Tha iad ag ràdh cuideachd gun cuir iad mar as trice an aghaidh iarrtas bho chluba a tha ag iarraidh a dhol sìos gu lìog nas ìsle.
Ma 's e is gum bi suidheachadh ann far an gabh iad ri leithid de dh'iarrtas, caillidh an sgioba 20% de na puingean a tha fosgailte dhaibh.