An t-Eilean Sgitheanach
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Co-chomhairle air seirbheisean slàinte 'mi-thaitneach'

23 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt cathraiche Comataidh nan Ath-Chuingean Poblach nach robh a' cho-chomhairle a chaidh a chumail san Eilean Sgitheanach mu bhith a' toirt crathadh air seirbheisean slàinte idir math gu leòr.

Cho-dhùin buill na Comataidh an ath-chuinge a' chumail fosgailte dhan ath chomataidh a bhios air a' ghairm as deidh an taghaidh sa Chèitein.

Bha mì-thoileachas a' cuairteachadh a' cho-dhùnaidh gus osapsdal ùr an eilein a stèidheachadh san Ath-Leathann.