A' Chlò Hearach
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

An Clò Hearach ann an Lunnainn

23 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fhuair gnìomhachas a' Chlò Mhòir cothrom eile an t-aodach aca a thoirt gu aire saoghal an fhasain le taisbeanadh aig Oifis na h-Alba ann an Lunnainn.

Bha còrr is sia fichead duine an làthair, agus chuala iad gu bheil an gnìomhachas a' soirbheachadh agus ag amas air roinnean ùra far an gabh an clò a chleachdadh.

Tha seo a' tighinn beagan is seachdain bho bha taisbeanadh eile aca ann an ceann a tuath Shasainn.