Fianais ga togail an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Comhairle na Gàidhealtachd

Thathas a' tuigsinn gun tog cuid de chomhairlichean neo-eisimeilach na Gàidhealtachd fianais phoblach an aghaidh Riaghaltas na h-Alba ro choinneamh mhòr gearraidhean na Comhairle Diardaoin.

Coinnichidh a' Chomhairle gus am buidseat a stèidheachadh is aca ri còrr 's £30m a chaomhnadh.

Chuir na comhairlichean neo-eisimeilach a tha a' riaghladh pasgan mòr de ghearraidhean air adhart.

Tha iad ag ràdh nach eil dol às aca ach gearraidhean a dhèanamh is an t-airgead aca bho Riaghaltas na h-Alba air crìonadh.

Mì-thoileachas

Tha mì-thoileachas ann cuideachd nach urrainn dhan Chomhairle a' chìs-chomhairle a chur suas.

Cuiridh cuid de na neo-eisimeilich am mì-thoileachas sin an cèill, thathas a' tuigsinn, le fianais a thogail ron choinneimh.

Canaidh iad gu bheil an SNP ann an Dùn Èideann a' marbhadh deamocrasaidh ionadail agus seirbheisean ionadail.

Aig an dearbh àm, ge-tà, tha Nicola Sturgeon air molaidhean ùra a chur air adhart gum biodh cothrom aig ùghdarrasan ionadail pàirt dhen chìs-chosnaidh a chumail.

Cuiridh buidheann an SNP air Comhairle na Gàidhealtachd às àicheadh chuid de na gearraidhean Diardaoin.

Tha dragh air na Nàiseantaich gu sònraichte mu phlanaichean gus cur às dha Maoin nan Sgìrean Bochda.

Iomagain

Thog iad iomagain cuideachd mu ghearradh de £250,000 ann an taic comhairle dha daoine a tha ann am bochdainn agus a tha a' lorg obair.

A rèir nan comhairlichean SNP, bheir na gearraidhean seo buaidh air na daoine as bochda air a' Ghàidhealtachd.

Tha iad a' cur an aghaidh mu £1m de na gearraidhean uile gu lèir, plana gus raon-laighe Aiseig a reic nam measg.

Innsidh buidheann an SNP aig a' choinneimh am plana 'son an toll sin a lìonadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh