Airgead-cise dha comhairlean

Tha Riaghaltas na h-Alba a' coimhead ri leigeil le comhairlean ionadail pàirt dhen chìs-chosnaidh a thèid a thogail anns an sgìre aca a chumail mar phàirt dhen chumhachd ùr a bhios aig Pàrlamaid na h-Alba cìsean a thogail.

Thàinig an naidheachd bhon Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, an dèidh do riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte aonta a ruighinn air freum fiosgail na h-Alba.

"Ma thèid aig comhairlean air fàs a thoirt air an eaconomaidh, 's mar sin na tha a' tighinn a-steach de chìs-chosnaidh, gheibh iad pàirt dhen bhuannachd às a sin", thuirt a' Phrìomh Mhinistear.

Cìs ùr

Tha coltas gum biodh a' chìs-chosnadh anns gach sgìre air a cleachdadh còmhla ri cìs-chomhairle ùr a tha an Riaghaltas am beachd a thoirt a-steach.

Tha dùil gum foillsich iad molaidhean air atharrachadh na cìs-comhairle an ath-sheachdain.

Tha an Riaghaltas air a bhith a' faighinn an càineadh airson a' chìs-chomhairle a reothadh fad grunn bhliadhnaichean, a'ciallachadh nach urrainn do dh'ùghdarrasan ionadail airgead a thogail airson gearraidhean a sheachnadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile