CNES : "Adhartas" mun bhàta-slaodaidh

Anglian Sovereign. Pic: Simon Riley/MCA Image copyright Other
Image caption Leanaidh an t-seirbheis airson co-dhiù sia mìosan eile

Tha dòchas aig Comhairle nan Eilean Siar gun deach adhartas a dhèanamh anns an iomairt gus bàta-slaodaidh fa-leth fhaighinn dhan chost an iar a-rithist.

Thàinig dearbhadh gum biodh cùmhnant a' bhàta-slaodaidh sa cheann a' tuath ga leudachadh sia mìosan eile.

Ach dh'aidich Ministear na Còmhdail aig Westminster, Robert Goodwill, gum feumar rudeigin a dhèanamh mun ùine a bha e a' toirt dhan bhàta-slaodaidh fhaighinn chun a' chost an iar, nam biodh suidheachadh èiginneach ann.

Aig a' cheart àm ge-tà, thuirt Ball nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas Brianan MacNèill nach eil esan idir cho dòchasach gun teid bàta a thilleadh chun a' chost an iar.

Chuir an dà chuid Comhairle nan Eilean Siar agus Mgr MacNèill fàilte air an naidheachd gun teid cùmhnant a' bhàta-slaodaidh sa cheann a' tuath a leudachadh.

Dòchas?

Thuirt Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gu bheil e soilleir gu bheil am Ministear ann an Westminster a' tuigse nan argamaidean air a' chost an Iar.

"Sheall am measadh a chaidh a dhèanamh leis an MCA a thaobh a' bhàta-slaodaidh gum biodh na cunnartan tòrr nas motha nan deidheadh a thoirt air falbh", thuirt e.

"Tha sinn an dòchas gur e obair mhath a bhios a' dol thairis air na sia mìosan a tha seo, agus chan e mì-chinnt", thuirt Mgr Dòmhnallach.

Ach cha robh Ball-Parlamaid na sgìre cho dòchasach mun chuis.

"A reir's mar a tha feallsanachd Riaghaltas Westminster a' dol, tha iad a' faicinn na cosgais a th' aca an-dràsta, agus chan e na sàbhalaidhean a bhiodh aca ann an diofar shuidhichidhean", thuirt Aonghas Brianan MacNèill.

"Air tailleamh an fheallsanachd aca, chan eil mi dòchasach idir", thuirt e.