Co-dhùnadh na Comataidh na adhbhar misneachd

Dotair

Thuirt buidheann iomairt anns an Eilean Sgitheanach, NHS SOS Skye, gur e adhbhar misneachd a th' ann dhaibh gu bheil Comataidh nan Ath-Chuingean Poblach ann am Pàrlamaid na h-Alba ag èisteachd riutha.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag iarraidh ospadal ùr a thogail anns an Ath-Leathann ach tha sin a' ciallachadh na h-uimhir de lùghdachadh air seirbheisean aig Ospadal Phort Rìgh.

Dh'aontaich a' chomataidh an-dè gum feumar an tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh air plana NHS na Gàidhealtachd seach gu bheil cus cheistean gun fhreagairt ann.

Thuirt cathraiche na comataidh aig a' cheart àm, nach robh a' cho-chomhairle a chaidh a chumail idir math gu leòr.

Iomagain

Thuirt Neilian Mhoireach bhon bhuidhinn-strì gu bheil iad air an dòigh leis an naidheachd.

"Tha seo a' sealltainn gu bheil iad a' faicinn gu bheil ceistean fhathast ri fhreagairt".

"Tha sinn uamhasach toilichte gu bheil iad a' faicinn gu bheil iomagain air daoine anns an Eilean", thuirt i.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad den bheachd gun do rinn iad co-chomhairle phoblach a bha cothromach agus gun do rinn iad an co-dhùnadh as fheàrr dhan Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus taobh an iar-dheas Rois.