Manaidsearan sgioba WIIGA air ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich sgioba nan Eilean Siar airson na Geamanan Eileanach cò bhios os cionn na spòrs fa-leth.
Bidh Iain GG Caimbeul os cionn na sgioba air fad, agus bidh e fhèin agus Comataidh WIIGA a' toirt taic dha na coidsichean.
Bidh uallach orra airson a bhith a' togail iomhaigh na spòrs ac' as na h-Eileanan, a thuilleadh air a bhith a' taghadh na sgioba air a' cheann thall.
Tha dùil cuideachd gum bi iad a' tionnal airgid airson na Geamanan.
Chaidh na dreuchdan a thoirt seachad mar a leanas :
- Lùth-chleasachd - Seumas Mac an t-Sagairt
- Badminton - Pòl Finnegan
- Rothaireachd/Triathlon - Cairistiona NicCoinnich
- Ball Coise nam Fear - Eric 'Strada' Macleòid
- Ball Coise nam Ban - Catherine Ann Nicleòid & Euan 'Moley' Macleòid
- Goilf - Bryan Geddes
- Losgadh - Archie MacBhiocair
- Snàmh - Dàibhidh Hanlon
Thuirt Cathraiche na buidhne WIIGA, Norrie Dòmhnallach, gu bheil an obair air tòiseachadh mar thà a dh'ionnsaigh nan Geamanan ann an Gotland ann an 2017.
"Tha e cudromach gun lean sinn leis an adhartas a tha sinn a' faicinn am measg diofar spòrs anns na h-Eileanan bho bha sinn aig Jersey ann an 2015.
"Saoilidh mise gur e sgioba cho làidir de mhanaidsearan 's a b'urrainn a bhith againn, is sinn a' dèanamh deiseil airson Gotland", thuirt Mgr Dòmhnallach.