Dreuchdan teagaisg gus falbh

Clas

Feumaidh Comhairle na Gàidhealtachd còrr is 70 dreuchd teagaisg a ghearradh ro thoiseach na bliadhna ùire sgoile san Lùnasdal.

Chan eil gearraidhean a bharrachd a thaobh tidsearan air a' chlàr-ghnothaich 'son coinneamh bhuidseat na Comhairle Diardaoin.

Chuala coinneamh de Phoileasaidh Stòrais na Comhairle Diciadain, ge-tà, gu bheil duilgheadas aca gearraidhean teagaisg ris an do dh'aontaich iad ron a seo, a chur an sàs.

Chaidh lùghdachadh 1% ann an àireamhan luchd-teagaisg àrd-sgoile a chur dheth an-uiridh.

Feumar a chur an sàs a-nise, còmhla ri gearraidhean eile air an deach dàil roimhe.

Chuala a' choinneamh cuideachd gu bheil duiligheadas ann dreuchdan a ghearradh air sgàth poileasaidh riaghaltais air an àireamh de sgoilearan a bu chòir a bhith ann 'son gach tidsear.

Thuirt Stiùiriche an Ionnsachadh, Bill Alexander, gum feum a' Chomhairle gabhail air an socair le na gearraidhean seo gus nach fulang ìre an fhoghlaim.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile