Peanasan nas cruaidhe 'son eucoir fiadh-bheatha
- Published
Dh'fhaodadh gun tèid binn suas ri bliadhna a chur air daoine a tha ri eucoir an aghaidh fiadh-bheatha na h-Alba, fo phlanaichean ùra.
Tha sin am measg grunn mholaidhean a thàinig bho bhuidhean-beachdachaidh a chaidh a chur air dòigh le Riaghaltas na h-Alba.
Bhiodh aig daoine a tha cionntach ri càinntean suas ri £40,000 a phàigheadh.
Thuirt Ministear na h-Àrainneachd, Dtr Aileen Nicleòid, gun robh i a' gabhail ri na molaidhean.
Thuirt i cuideachd gun toireadh an Riaghaltas air adhart molaidhean eile, leithid a bhith a' toirt air falbh uidheamachd a bha air a chleachdadh an co-cheangail ri eucoir.
Tha dùil gun tèid coimhead a-rithist air an t-seòrsa buaidh a tha na h-eucoirean seo a' toirt air daoine, mar phàirt de ath-sgrùdadh air mar a tha binn air an toirt seachad.
Thuirt an Dr Nicleòid nach eil àite aig eucoir fiadh-bheatha ann an Alba sa là a th' ann.
"Tha e cudromach gu bheil peanasan iomchaidh againn airson seasamh an aghaidh eucoir, ach a tha cuideachd a' sealltainn a bhuaidh a tha iad a' toirt air an àrainneachd againn," thuirt i.
Chaidh 22 eun-creachaidh fhaighinn marbh anns an Eilean Dubh ann an 2014.
Chaidh closaichean 6 clamhain agus 14 clamhain-ghobhlach a lorg agus sheall sgrùdadh gun deach feadhainn dhiubh a phuinnseanachadh.