Bho Aonta gus eas-aonta

Ged nach deach a dhearbhadh gus an do bhruidhinn Nicola Sturgeon agus George Osborne air a' fòn feasgar an-dè, is e Rùnaire an Ionmhais, John Swinney, a fhuair moladh bho gach taobh airson an aonta eadar an dà riaghaltais.

Às dèidh mhìosan de chòmhradh, fhuair e gealltanas bho Roinn an Ionmhais aig Whitehall nach crìonadh buidseat na h-Alba fad còig bliadhna bhon ath-bhliadhna, fiù 's ma chrìonas sluagh na h-Alba an taca ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Dh'innis am Prìomh Mhinistear don t-Seòmar gun robh an riaghaltas aice air suas ri £7bn de ghearraidhean a sheachnadh thairis air deich bliadhna.

B'fheudar dhaibh gèilleadh air cosgaisean stèidheachaidh agus rianachd, agus bidh aig Riaghaltas na h-Alba ri aonta ùr a lorg às dèidh an ath thaghaidh Albannaich nuair a thèid ath-sgrùdadh neo-eisimeileachd a dhèanamh air ionmhas na dùthcha.

Ach tha adhbhar toileachais aig Mgr Swinney anns an aonta a rinneadh an-dè.

Mar a bhiodh dùil, ge-tà, cha do mhair an còrdadh anns an t-Seòmar fada.

Aonta

Ged a dh'fhàgas mòrchuid an SNP gun tèid am buidseat aige tron Phàrlamaid nas anmoiche air an fheasgar, chan e seo an latha as comhartaile do Rùnaire an Ionmhais.

Ged a bha aonta an-dè mun aonta airgid a dhearbhas gun tig cumhachdan ùra do Holyrood, chan eil aonta sam bith an-diugh mun dòigh anns am bu chòir an cleachdadh.

Agus ged a thèid bhòtadh fhathast air buidseat na bliadhna romhainn a-mhàin, 's ann mu na bliadhnaichean a tha romhainn a tha deasbad an latha an-diugh an dà-rìribh.

Uair eile, thill na Làbaraich don iarrtas aca sgillin a chur air a' chìs chosnaidh gus gearraidhean do sheirbhisean ionadail a sheachnadh.

Am bliadhna-sa, chan urrainn dhaibh ach bannan na cìse atharrachadh còmhla agus tha an SNP ag ràdh gun toireadh sin droch bhuaidh air daoine air tuarasdail ìosal.

Tha iad ag ràdh cuideachd nach obraicheadh plana nan Làbarach £100 not a thoirt do dhaoine le teachd a-steach nas lugha na £20,000.

Iongnadh

Ach chan eil sin gu mòran diofair.

Às dèidh bhòt na h-oidhche a-nochd cha ghabh buidseat 2016-17 atharrachadh leis an riaghaltas ùr a thig a-steach às dèidh an taghaidh - as bith cò iad.

Mar sin fiù 's ma chuireas Kezia Dugdale iongnadh oirre fhèin agus àite a choisinn mar phrìomh mhinistear, cha bhi aice ris an sgeama seo a chur an gnìomh.

Is i a' cheist dè nì na pàrtaidhean uile leis na cumhachdan a thig a-steach a-nis an ath-bhliadhna, làn smachd air a' chìs chosnaidh nam measg.

Cha chuala sinn bho Mhgr Swinney fhathast dè dhèanadh esan.

Ach tha Ms Dugdale agus Willie Rennie a' cumail a-mach gu bheil fianais gu leòr ann mar-thà.

Prionnsabal

Bho dheis agus bho chlì chaidh John Swinney a chàineadh an-diugh airson a bhith trot mu na puingean as mionaidiche air polasaidh cìse, seach dèiligeadh ris a' phrionnsabal.

Rinn Murchadh Friseal magadh air agus e a' cur fàilte air a thaic airson a' phrionnsabail Thòraidhich nach bu chòir cìsean a bhith nas àirde ann an Alba na tha iad anns a' chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte.

Chuir Kezia Dugdale an dearbh chasaid às a leth, ag ràdh gur e leisgeul a tha Mgr Swinney air a bhith a' toirt seachad agus gur e an fhìrinn nach cuireadh e a' chìs chosnaidh suas uair sam bith.

Is e sin a' cheist a bheir a' bhuaidh as motha air an taghadh anns a' Chèitean.

A-nis gu bheil cumhachdan ùra air fàire, ciamar a bu chòir an cur gu feum?

Chan iad na dùbhlanaich a-mhàin ach an luchd-bhòtaidh a tha ag iarraidh freagairt.