Hebridean Isles
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ceist mun MV Hebrides

25 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt Calmac nach b' urrainn dhaibh gealltanas a thoirt seachad air na h-aiseagan a bhios a' seòladh eadar Ùige, An Tairbeart agus Loch nam Madadh thairis air na geamhraidhean a tha romhainn.

Sin a chuala coinneamh de bhuidhinn-chleachdaidh nam bàtaichean aiseig air an Tairbeart.

Tha gearainean air a bhith ann mun droch bhuaidh a thug gluasad an MV Hebrides gu slighean eile air an t-seirbheis thar mìosan a' gheamhraidh.