An 'Trading Post' gus dùnadh

Oifis a' Phuist san Trading Post Image copyright Chris Downer / Geograph

Dùnaidh buth agus Oifis a' Phuist an 'Trading Post' ann an Steòrnabhagh an ceann dà mhìos eile.

Tha Oifis a' Phuist gu nàiseanta ag ràdh nach eil iad air duine a lorg chun a-seo a thèid an àite Theàrlaich Engebretsen mar leas-mhaighstir-puist, agus esan a' leigeil seachad a dhreuchd.

Bha dùil gun deadh an oifis-phuist a ghluasad bho chionn dà bhliadhna gu stèisean peatroil Mhgr Engebretsen, ach chaidh stad a chur air a sin às dèidh iomairt phoblaich.

Thuirt Mgr Engebretsen aig an àm gum feumadh e an oifis puist san "Trading Post" a ghluasad seach gu robh e a' call airgid air an oifis agus a' bhùth far an robh i, aig Pàirce Ionad na Rop.

Bha dùil aige an oifis puist a ghluasad dhan stèisean peatroil aige air Rathad Shanndabhaig ann an Steòrnabhagh.

Iomairt

Ach thòisich iomairt ann an sgìre a' Mhanor, le comhairlichean ag ràdh gum biodh sin ro fhada air falbh, gu h-àraidh do sheann daoine san sgìre.

Ach an-dè, thuirt Joe Engebretsen gun robh athair a' leigeil seachad dreuchd an leas-mhaighstir-puist, agus gun robh iad air fios fhaighinn bho Oifis a' Phuist gu nàiseanta gum biodh oifis a' phuist san 'Trading Post' a' dùnadh air an 28mh den Ghiblein.

Thuirt e gun robh ochdnar luchd-obrach làn agus pàirt-ùine ann an cunnart an cosnaidhean a chall agus leis gu bheil iad iad a-nis ann an suidheachadh-conaltraidh foirmeil, nach b'urrainn dha an còrr a ràdh.

Thuirt an comhairliche Gordan Moireach, a bha air ceann na h-iomairt bho chionn dà bhliadhna, gun robh e an dòchas gun deadh an conaltradh gu math, agus gun deadh cosnaidhean a dhìon.

Briseadh-dùil

Thuirt e gun robh e na bhriseadh-dùil gu bheil coltas nach eil duine sam bith eile ag iarraidh Oifis a' Phuist a chumail a' dol.

Thuirt BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNìll, gu bheil e air fios a chur air a' Phost Rìoghail.

Thuirt Mgr MacNìll gu bheil Oifis Puist an 'Trading Post' air seirbheis air leth a thoirt seachad.

Tha daoine airson cluinntinn, thuirt e, dè na planaichean a th' ann 'son an t-seirbheis sin a ghleidheadh.

Dh'iarr air a' Phost Rìoghail conaltradh a dhèanamh ri muinntir an àite.