Iomairt ùr aig na poilis an Inbhir Nis

Poilis

Tha na poilis air oifis ùr fhosgladh ann am meadhan Inbhir Nis ann an oidhirp dèiligeadh ri dol a-mach mì-shòisealta.

'S ann an Taigh a' Bhaile a tha an oifis.

'S ann an sin a tha oifigich bho bhuidhnean eile le uallach a bhith ag obair an aghaidh dol-mach mì-shòisealta stèidhichte.

'S iad oifigearan poileas coimhearsnachd a bhios ag obair san oifis ùr.

Bha iad roimhe stèidhichte aig an stèisean air Rathad Bhurnett sa bhaile.

"S e am plana a bh' againn bho thùs gum biodh sinn uile ag obair san aon àite gus an urrainn dhuinn co-obrachadh nas fheàrr", thuirt an Inspeactair Anndra Blakey bho Phoileas Alba.

Mar phàirt den ghluasad bidh barrachd oifigearan poilis air an t-sràid ann am meadhan Inbhir Nis.