Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Saville

Chaidh aithisg fhoillseachadh an-diugh air na h-ionnsaighean drabasda a rinn Jimmy Savile nuair a bha e ag obair aig a' BhBC. Thuirt a' Bhan-Uasal Janet Nic a' Ghobhainn, a bha os cionn ath-sgrùdadh a thòisich ann an 2012, gun do chaill luchd-obrach iomadh cothrom air Savile a thoirt gu ceartas, ach nach b'aithne dhan BhBC mar bhuidheann chorporra, gun robh an leithid a' dol air adhart. Thuirt an aithisg gun robh cultur de dh'eagal agus cus spèis do dhaoine ainmeil aig a' BhbC aig an àm, agus gu bheil ìre dheth sin ann fhathast. Agus tha an aithisg ag ràdh gun tug craoladair eile, Stuart Hall , ionnsaigh dhrabasda air còrr 's fichead duine aig a' BhBC.

Tony Blackburn

Thuirt fear de na craoladairean as fhaide a bha aig a' BhBC, Tony Blackburn, gun tog esan cùis lagh agus e ag ràdh gun deach a chur à dhreuchd mar DJ, mar dhìoghaltas airson fianais a thug e dhan rannsachadh mu na h-ionnnsaighean drabasda a rinn Jimmy Savile. Thuirt Tony Blackburn nach do esan rinn dad ceàrr.

Gearraidhean

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' coinneachadh an-diugh agus iad a' gearradh £30m às a' bhuidseat aca. Tha na comhairlichean dùbhlain, an SNP nam measg, ag ràdh gu bheil na gearraidhean a' dol ro dhomhainn, ach tha buidheann-riaghlaidh neo-eisimeileach an ùghdarrais ag ràdh gur e Riaghaltas na h-Alba as coireach eadar cion an airgiod a tha a' tighinn à Dùn Èideann agus casg air àrdachadh 'sa chìs-chomhairle.

Mairead Mitchell

'S i an Tòraidh, Mairead Mitchell, a' chiad bhall ann am Pàrlamaid na h-Alba a chuir taic gu poblach ris an iomairt airson Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach. Ged a tha ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, Ruth Davidson, gu mòr air taobh an aonaidh, thuirt Mairead Mitchell, tè-labhairt nan Toraidhean ann an Alba airson ceartas, gum bi ise a' bhòtadh airson fàgail oir gu bheil an t-Aonadh Eòrpach, na beachd-sa, a' cur ualllach ro mhòr air Breatainn.

Tubaist

Chaidh dithis bhoireannach a thoirt dhan ospadal an dèidh tubaist-rathaid ann an Leòdhas goirid ro 8.00 'sa mhadainn an-diugh, air a' phrìomh rathad eadar Leòdhas agus na Hearadh. Tha e coltach nach deach an droch ghoirteachadh idir. Bha trì càraichean anns an tubaist eadar a 'Halfway Garage' agus Liùrbost.

Trading Post

Tha dragh ann an Steòrnabhagh gu bheil a' bhùth agus oifis a' phuist 'san Trading Post anns a' bhaile a' dùnadh an ceann dà mhìos. Tha leas-mhaighstir a' phuist an sin a' leigeil dheth a dhreuchd agus mura tachair dad an dèidh sin, cha bhi ach an aon oifis puist ann an Steòrnabhagh, air Sraid Fhrangain.