Sgioba Hacraig a' dol an aghaidh sgioba L+H
- Published
Thèid sgioba Hacraig an aghaidh sgioba Leòdhais agus na Hearadh anns an iar-chuairt dheireannaich de Chupa Sheoc MhicAoidh.
Chaidh sin a dhearbhadh an dèidh mar a tharraing sgioba Shealtainn a-mach às an fharpais, agus trioblaidean air a bhith aca a' chairteal-chuairt dheireannach an aghaidh Hacraig a chluich.
Bidh an geama ann an Inbhir Ghòrdain an 12mh den Mhàirt aig 1 feasgair.
Chuir trioblaidean le pàircean agus aiseigean an geam eatarra dheth ceithir tursan ron a seo, agus cha tèid aig Sealtainn air sgioba a thogail son a' gheam air an deireadh-sheachdain-sa.
Bhuannaich sgioba Shealtainn an fharpais an-uiridh.
Thèid an iar-chuairt dheireannaich eadar sgioba Hacraig agus sgioba Leòdhais agus na Hearadh a-nis a chluich air an ath-mhìos.
Seo an dàrna iomairt aig sgioba Leòdhais agus na Hearadh san fharpais.
Chaill iad 1-0 ri Inbhir Theòrsa sa chairteal chuairt dheireannaich de Chupa Sheoc MhicAoidh aig toiseach 2015.