Tubaist-rathaid ann an Leòdhas
- Air fhoillseachadh
Chaidh dithis bhoireannach a thoirt dhan ospadal an-dèidh tubaist-rathaid ann an Leòdhas madainn Diardaoin.
Thachair an tubaist air a' phriomh rathad eadar Leòdhas agus na Hearadh, an A859, eadar a 'Halfway Garage' agus Liùrbost.
Bha trì càraichean an luib na tubaist, 's bha an rathad dùinte airson greis ged tha i a-nis fosgailte.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean-èiginn mu 7.45m.
Chaidh an dithis bhoireannach a bh' air an gortachadh a thoirt dhan ospadal, ged nach eileas dhan bheachd gu bheil iad air an droch ghortachadh.