Dàìl a bharrachd air subsadaidhean

Uain

Dh'aidich Riaghaltas na h-Alba gum bi dàil a bharrachd ann an taic-airgid do thuathanaich agus croitearan.

Chaidh maill mar thà air subsadaidh an CAP le siostam coimpiutair ùr nach eil ag obair mar bu chòir.

Tha an suidheachadh air cuid de chroitearan is tuathanaich fhàgail ann an cruaidh-chàs.

Tha e air tighinn am follais a-nise gun cuir an suidheachadh a th' ann dàil ann am pàigheadh subsadaidh LFASS dha croitearan agus tuathanaich air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

"Air deireadh"

"Bidh taic LFASS mar as trice a' dol a-mach sa Mhàirt ach tha e a' ruith beagan sheachdainnean air deireadh", thuirt Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Ridseard Lochhead.

"Tha mi an-dràsta fhèin a' feuchainn ri cabhag a chur sa ghnothach is bidh barrachd fiosrachaidh againn mu LFASS an ath-sheachdain.

"B'fheàrr leam gun robh sinn an suidheachadh nas fheàrr, ach tha sinn a' dèanamh ar dìcheall", thuirt e.

Chaidh an Riaghaltas a chàineadh le ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, Ruth Davidson.

"Bùrach"

Thuirt i nach robh ann ach bùrach is gum bu chòir dhan Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, a dhol an sàs agus smachd a ghabhail air an t-suidheachadh.

Dh'fhàg i air an SNP gun deach a' chùis seachad orra leis gur iad sgìrean dùthchail a tha a' fulang, seach meadhan na h-Alba , is gun robh an Riaghaltas air "fàiligeadh".

Chaidh Jim Walker, a bha uair na cheann-suidhe air NFU na h-Alba, nas fhaide buileach.

Thuirt Mgr Walker gum bu chòir dha Ridseard Lochhead a dhreuchd fhàgail.

Rabhadh

Thuirt am ball Làbarach airson na Gàidhealtachd is nan Eilean, Rhoda Ghrannd, gu bheil iomagain mhòr ann mun ghnothach.

Thug i seachad rabhadh gur dòcha gum bi aig "tòrr dhaoine" ri cùl a chur ri àiteachas.

Bheireadh sin buaidh mhòr air coimhearsnachdan sa cheann a tuath, thuirt i.

Iasadan

Thòisich sgeama iasaid an t-seachdain seo airson croitearan agus tuathanaich a chuideachadh ma tha dàil air a bhith orra a' faighinn taicean-subsadaidh àiteachais.

Chaidh £20m a chur mu seach leis an riaghaltas airson taic a thoirt do dhaoine a tha a' fulang is iad a' feitheamh ri airgead bho sgeama taic an CAP.

Fon sgeama, bidh cothrom aig daoine nach d' fhuair a' chiad phàigheadh, agus nach fhaigh taic bhon bhanca aca, air iasad gun riadh bhon riaghaltas.

Gheibh iad suas ri 60% dhen iarrtas subsadaidh aca - suas gu £20,000.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile