Aonta air buidseat na Gàidhealtachd

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Gearraidhean mòra aig Comhairle na Gàidhealtachd.

Rinn Comhairle na Gàidhealtachd gearraidhean de cha mhòr £30m sa bhuidseat aca.

Thàinig buidheann-riaghlaidh na Comhairle, na neo-eisimeilich, gu aonta le comhairlichean SNP gus cuid de ghearraidhean a sheachnadh.

Tha taic-airgid dhan fhèis, Blas, nam measg.

Bha na Nàiseantaich air £1.3m de ghearraidhean a chomharrachadh a bha iad 'son stad.

A bharrachd air Blas, bha airgead dha sgìrean bochda is daoine gun dachaigh, buidhnean cobhair dha boireannaich, agus glanadh nan sràidean.

Cha tèid Raon-laighe Aiseig a reic nas motha, is cha bhi uidhir de thaighean-beaga poblach air an dùnadh.

Thèid £1.3m a shàbhaladh a-nise ann an roinnean eile a tha buidheann an SNP air moladh.

"Uirsgeulan"

Cha robh na Làbaraich is Lib Deamaich air an dòigh leis na molaidhean, is iad ag ràdh gur e sàbhalaidhean nach gabh dèanamh a th' annta.

Thèid £500,000 a chaomhnadh le atharrachadh ann am poileasaidh na Comhairle a thaobh luchd-obrach a tha dheth tinn.

Bidh sàbhaladh eile de £500,000 le atharrachadh ann an sgeamaichean cùmhnadh cumhachd sgoiltean.

Chaidh a' choire 'son nan gearraidhean gu ìre mhòr a chur air riaghaltasan Westminster agus na h-Alba.

Ron choinneimh, thog cuid de chomhairlichean neo-eisimeileach fianais an aghaidh mar a tha Riaghaltas na h-Alba fhathast a' diùltadh leigeil le comhairlean airgead a thogail air a' chìs-chomhairle.

Bha Comhairle na Gàidhealtachd mar thà air aonta a ruighinn air sàbhalaidhean de £10m, is £10m a bharrachd a chaomhnadh tro aonta le còrr is 300 luchd-obrach a dh'fhàg na dreuchdan aca len toil.

Uile gu lèir ma thà, tha an t-ùghdarras air aonta a ruighinn gus £50m a shàbaladh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile