Connspaid mun Ghàidhlig an Dùn Èideann

Published

Tha coltas ann nach fhaigh cuid de sgoilearan bho Bhun-sgoil Taobh na Pàirce ann an Dùn Èideann gu Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig air an ath-bhliadhna-sgoile.

'S ann dhan àrd-sgoil ann an sgìre Thollcross a bhiodh sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig a' dol.

Tha aithisg bho Chomhairle Dhùn Èideann ag ràdh gu bheil cus ag iarraidh dhan sgoil.

Tha 220 àite san sgoil do sgoilearan sa chiad bhliadhna, is coltas gum bi 229 sgoilear ag amas air àite san Lùnasdal 2016.

Tha 24 bhon bhun-sgoil Ghàidhlig a bhiodh a' sùileachadh àite.

Prìomhachas

Ach coltach ris na thachair ann am bun-sgoiltean Ghlaschu, 's iad an fheadhainn le teaghlach ann mar thà, neo as fhaisge, a gheibh prìomhachas.

Tha sin a' ciallachadh gu bheil e coltach nach fhaigh 9 sgoilearan bho Thaobh na Pàirce àite aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig leis gur ann bho air feadh a' bhaile a tha iad.

Thathas a' moladh sgoilearan nach fhaigh a-steach gu Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig a chur gu Àrd-sgoil Tynecastle, air neo roghainn a thoirt dhaibh a dhol dhan sgoil as fhaisg orra.

Tha beagan Ghàidhlig ga tabhainn aig Sgoil Tynecastle an-dràsta.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh