"Bu chòir fios a bhith aca"
- Air fhoillseachadh
Dh'iarr Àrd-Stiùiriche Fèisean nan Gàidheal coinneamh le Comhairle na Gàidhealtachd mu luach na fèis ciùil, Blas.
Rinn Art MacCarmaig toileachas le naidheachd bhon Chomhairle Diardaoin nach tèid maoineachadh Bhlas a ghearradh am-bliadhna.
Bha an t-ùghdarras a' meòrachadh air taic na fèise a lùghdachadh is aca ris na milleanan mòra a chaomhnadh.
Thuirt Mgr MacCarmaig gum biodh gearradh de 81% thairis air trì bliadhna air cur às de Bhlas.
Thuirt e gun tàinig na molaidhean an t-seachdain seo mar chlach às an adhair.
Tha feum a-nise, tha e ag ràdh, air soillearachadh air luach na fèise.
"Bu chòir barrachd fios a bhith aig oifigearan na comhairle, is na comhairlichean fhèin, air luach na fèise is na tha i a' toirt dhan Ghàidhealtachd", thuirt Mgr MacCarmaig.
"Tha amharas agam, 's dòcha, gum bi sinn san aon suidheachdadh an ath-bhliadhna is mar tha sin tha e cudromach gu bheil sinn a' bruidhinn ris a' Chomhairle san eadar-ama airson a dhearbhadh dhaibh dè na tha iad a' faighinn bho Bhlas.
"Chan ann a-mhàin mun airgead acasan a tha e, ach gu bheil airgead eile a' tighinn a-steach dhan sgìre ri linn Blas bho bhuidhnean nàiseanta eile", thuirt e.
Thuirt Mgr MacCarmaig gur e briseadh-dùil a th' ann dha gum feum e coinneamh iarraidh.
"Bu chòir fios a bhith aca le cinnt. Tha triùir chomhairlichean a' suidhe air Bòrd-Stiùiridh Blas Earranta.
"Chan e sin a-mhàin, tha oifigearan taobh a-staigh na Comhairle a tha còir a bhith a' coimhead às ar dèidh, tha iad air ainmeachadh sa chùmhnant againn, ach glè bheag de thaic a tha sinn a' faighinn bhuapa", thuirt e.
Dh'innis Mgr MacCarmaig gu bheil e a' tuigsinn gum bi gearraidhean ann, ach gum bu chòir dhaibh a bhith air an roinn air feadh iomadh buidheann.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 25 An Gearran 2016
- 24 An Gearran 2016
- 22 An Gearran 2016