Mì-chinnt mu Bhùth Bharraigh

  • Air fhoillseachadh
Bùth BharraighTùs an deilbh, Bùth Bharraigh

Thòisich iomairt ann am Barraigh gus an togalach anns a bheil bùth coimhearsnachd an eilein a ghleidheadh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar am beachd an togalach ann am Bàgh a' Chaisteil a leagail mar phàirt de leasachadh air a' bhaile.

'S ann leis a' Chomhairle a tha an togalach.

B'fheàrr le Bùth Bharraigh a chumail agus iad ag ràdh gu bheil a' mhì-chinnt a th' ann a' cur dragh mòr orra.

"Fìor staing"

"Tha sinn ann am fìor staing air saileabh tha mì-chinnt mu dheidhinn dè tha a' dol a thachairt is dè tha a' dol a thachairt dhan phròiseict againn", thuirt tè de stiùirichean na bùtha, Màiri Anna NicFhearghais.

"Tha uallach mòr oirnn gum bi sinn gun dachaigh. Tha gainnead mòr de thogalaichean ann am Barraigh is tha iarrtas mòr ann airson aonadan anns am bi daoine ag obair.

"Ged a tha a' Chomhairle a' gealltainn gu bheil iad a' dol a thogail dà aonad ùr, chan eil cinnt sam bith againn gum faigheamaid dachaigh ann an tè seach tè dhuibh".

Thuirt i nach eil a' bhùth a' reic ach gnothaichean nach fhaighear ann am bùithtean eile an eilein, is mar sin nach eil iad a' farpais ri gnìomhachasan eile.

Buille

'S e buille a bhiodh ann dhan àite an goireas a chall, thuirt i.

"Tha sinn a' gabhail a-staigh rudan a tha daoine san àite a' dèanamh agus gan reic às an leth.

"Tha e air beatha às ùr a chur a-staigh a Bhagh a' Chaisteil.

"Tha e a' toirt cothrom a bharrachd do dhaoine. Tha e a' toirt cothrom gnìomhachais dha daoine, tha e a' toirt cothrom do dhaoine a bhith ag obair gu saor-thoileach", thuirt i.

Tha faisg air 500 duine air an ainmean a chur ri ath-chuinge air loidhne.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh