An 'Coffee Pot' a' dùnadh

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Dòmhall "Ruadh" Mac a' Ghobhainn le chuimhneachain air an 'Coffee Pot'

Dùinidh an 'Coffee Pot' ann an Steòrnabhagh na dorsan 'son an uair mu dheireadh Dihaoine.

Cuiridh Peadar Scaramuccia agus a bhean Marie cùl ris a' ghnìomhachas, a th' air a bhith a' dol fad còrr air 40 bliadhna.

Chaidh an togalach a reic agus dùil gun tèid bùth pheantaidh a dhèanamh dheth.

B' e an cafaidh Eadailteach-Albannach mu dheireadh anns na h-Eileanan Siar.

Thuirt Mgr Scaramuccia nach eil baile Steòrnabhaigh idir mar a bha, agus gur e suidheachadh eaconamach a' bhaile a th' air cùlaibh a' cho-dhùnaidh.

Deireadh-linn

Aig aon àm bha grunn cafaidhean le ceanglaichean Eadilteach sa bhaile, nam measg Cabrelli's, Capaldi's, agus a' Lido.

Chuir Dòmhall Ruadh Mac a' Ghobhainn, mar gu leòr eile, ùine seachad sa chafaidh.

"'S e deireadh-lìnn a th' ann gu bheil an 'Coffee Pot' a' dùnadh.

"Sin far an robh thu a' faighinn na sgeulachdan a bha dha-rìribh a' dol sa bhaile.

"Bu mhòr am beud nach eil Eadailteach gu bhith le cafaidh ann an Steòrnabhagh.

"'S e là dòrainneach dha-rìribh a th'ann," thuirt e.