Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Aonadh Eòrpach

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gun toireadh bhòt airson falbh às an Aonadh Eòrpach 'clisgeadh eaconamach' air Breatainn. Tha Mgr Osborne ann an Shanghai aig coinneimh dùthchannan an G20. Thuirt e gur e an-dràsta an t-àm as miosa eaconamaidh na dùthcha a chur ann an cunnart.

Leig seann cheannard nan Tòraidhean, Mìcheal Howard, fhaicinn gu bheil esan a' cur a thaic ris an iomairt airson Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach. Bha am Morair Howard gu mòr air cùlaibh Dhàibhidh Camshroin a chur na cheannard ann an 2005. Thuirt e nach tug an Coimisean Eòrpach gu leòr do Bhreatainn anns an aonta dhan tàinig iad agus Mgr Camshron bho chion ghoirid.

RBS

Dh'innis Banca Rìoghail na h-Alba gun robh call ro chìsean faisg air £2bn air a' bhuidhinn ann an 2015. Boinnidh trì chairteal den bhanca fhathast do luchd-pàighidh na cìse. Chan eil an call cho mòr 's bha e ann an 2014 nuair a bha call de £3.5bn ann. Thuirt Àrd-Oifgeach RBS, Ross McEwan, gu bheil am banca a' soirbeachadh agus nas làidire na bha e a-riamh.

Sgrùdadh

Thèid cladhach às ùr nas fhaide air adhart am-bliadhna airson duslach nighean-sgoile à Siorrachd Lannraig, Moira NicAnndrais, a chaidh a dhìth bho chion faisg air 60 bliadhna. Cha robh i ach aon bliadhna deug de dh'aois nuair a chaidh i dhìth ann an Coatbridge san Fhaoilleach ann an 1957. Tha amharas ann gur e fear a chaidh a dhìteadh airson drabasdachd an aghaidh chloinne, Alexander Gartshore, a chaochail ann an 2006, a mhurt i.

Dùn Èideann

Tha pàrantan ann an Dùn Èideann gu math mì-thoilichte gun deach innse dhaibh nach fhaigh a h-uile sgoilear à Bun-sgoil Ghàidhlig Taobh na Pàirce àite ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig an ath-bhliadhna.

Thuirt Comhairle Dhùn Èideann nach eil àite dhan a h-uile duine san sgoil sin - an aon tè ann an Dùn Èideann anns a bheil foghlam Gàidhlig gu coileanta aig àrd ìre. Thuirt an t-ùghdarras gur iad cuid de sgoilearan Taobh na Pàirce as coltaiche fulang leis gur iad as fhaide air falbh bhon sgoil, ach gum faodadh iad àite fhaighinn aig Àrd-sgoil Tynecastle.

Bùth Bharraidh

Chuir còrr 's 400 duine an ainm mar thà ri ath-chuinge ag iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar an togalach sa bheil Bùth Bharraigh a ghleidheadh. Thòisich a' bhùth coimhearsnachd bho chion trì bliahdna a' reic stuth à Barraigh, ach tha a' Chomhairle am beachd an togalach a leagal mar phàirt de phlana-leasachaidh ann am Bàgh a' Chaisteil. Tha triùir ag obar làn-ùine aig a' bhùth, aig an robh teachd a steach de £88,000 an-uiridh.

Duais

Ghleidh nursaichean aillse Mhic a' Mhaoilein duais 'Sgioba Aillse na Bliadhna' do Bhreatainn air fad aig cuirm ann an Lunnain an-raoir. Tha sgioba Mhic a' Mhaoilein anns na h-Eileanan an Iar stèidhichte ann an Steòrnabhagh agus ann am Beinn nam Fadhla, ach tha iad a' toirt cùram do dh'euslaintaich air feadh nan Eilean Siar.