Adhartas dha Tuath-gaoithe Steòrnabhaigh

Tuath-gaoithe

Ghabh pròiseact tuath-gaoithe Steòrnabhaigh ceum eile agus dearbhadh ann nach bi buaidh sam bith aig na crainn air radar aig port-adhair a' bhaile.

Thathas an dòchas 36 crann a stèidheachadh an iar air a' bhaile.

Chaidh ceist a thogail mun bhuaidh air an radar aig Port-adhair Steòrnabhaigh.

Dh'fhàg sin gun deach deuchainnean teigniceach a dhèanamh.

Riaraichte

Tha Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean, HIAL, a-nise air dearbhadh gu bheil riaraichte.

Rinn stiùiriche na companaidh Cumhachd-Gaoithe Leòdhais, Darren Cumming, toileachas ris an naidheachd.

Thuirt Mgr Cumming gur e ceum air adhart a th' ann dhan phròiseict.

Tha cnap-starra mòr fhathast ann, ge-tà, is feum air càbal dealain ùr eadar Leòdhas is Tir-Mòr gus leigeil le pròiseictean mar seo a dhol air adhart.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile