Suidheachadh Dhùn Èideann "na chothrom" dhan Ghàidhlig
- Air fhoillseachadh

Thuirt Comhairle Dhùn Èideann gu bheil mar a thèid àite ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig a dhiùltadh do chuid de sgoilearan na Gàidhlig "na chothrom an cànan a sgapadh gu sgoiltean eile sa bhaile".
Thàinig am beachd bho Iar-cheannard na Comhairle, Sandaidh Howat.
Dh'innis aithisg bhon Chomhairle an t-seachdain seo gu bheil cus ag iarraidh dha Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig san Lùnasdal 2016.
'S ann dhan àrd-sgoil sin a bhiodh sgoilearan na Gàidhlig a' dol bho thùs.
Aig an ìre seo, tha a' Chomhairle a' sùileachadh gum bi 9 sgoilearan bho Bhun-sgoil Taobh na Pàirce nach fhaigh àite.
Prìomhachas
Thèid prìomhachas a thoirt dhan fheadhainn as fhaisge air an sgoil.
Leis gu bheil sgoilearan na Gàidhlig a' tighinn bho air feadh a' bhaile, tha a h-uile coltas gur iad feadhainn dhuibh sin nach fhaigh àite.
Chan eil pàrantan air an dòigh.
"Tha e do-chreidsinneach is chan eil na pàrantan no na sgoilearan toilichte idir", thuirt Jennifer NicIlleMhoire bho Chomann nam Pàrant ann an Dùn Èideann.
"Tha litrichean aig na pàrantan le sgoilearan ann an clas 7 a tha ag ràdh gu bheil àite dhaibh ann an Sgoil Sheumais Ghilleasbuig am-bliadhna.
"Tha na sgoilearan air tadhal air an sgoil. Tha e dìreach do-chreidsinneach", thuirt i.
Thuirt Comhairle Dhùn Èideann gum faod na sgoilearan nach fhaigh àite a dhol gu Àrd-sgoil Tynecastle, air neo an sgoil as fhaisg orra.
Thuirt iad gu bheil beagan Ghàidhlig ga tabhainn aig Tynecastle.
Chan eil sin ach a' sealltainn nach eil an t-ùghdarras a' tuigsinn mar a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ag obair, a rèir Jennifer NicIlleMhoire.
Dìth-thuigse
"Tha e follaiseach nach eil tuigse aca dè th' ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
"Tha clasaichean do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann dà thuras san t-seachdain aig Tynecastle, ach sin e.
"Cha bhiodh sin freagarrach do chloinn a rinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fad ochd bliadhnaichean", thuirt i.
Tha pàrantan a' sgrìobhadh dhan a h-uile comhairliche sa bhaile is tha iad cuideachd a' sireadh comhairle laghail.
Bidh na pàrantan air an riochdachadh nuair a choinnicheas Comhairle Dhùn Èideann an ath-sheachdain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 An Gearran 2016