BBC Naidheachdan

Comataidh ùr gus coinneachadh am Port Rìgh

Published
Coinnichidh Comataidh ùr an Eilein Sgitheanaich de Chomhairle na Gàidhealtachd Diluain airson a' chiad uair.
Chaidh a' chomataidh a stèidheachadh às dèidh iarrtasan 'son cumhachdan a chur sìos dha ìre na coimhearsnachd.
Tha riochdairean na sgìre ann an Dùn Èideann is Lunnainn, Dàibhidh MacThòmais is Iain Blackford, air iarraidh gun tèid comhairle ùr a stèidheachadh air taobh siar na Gàidhealtachd.
Tha Roinn na Gàidhealachd a-nise air comataidhean sgìreil a chur air chois.

Comataidhean

Tha ochd dhuibh air feadh na sgìre.
Bidh e an urra ri comhairlichean anns na sgìrean sin co-dhùnaidhean mu sheirbheisean an ùghadarrais ionadail a dhèanamh iad fhèin.
Bidh cumhachd aca air co-dhùnaidhean mar chàradh nan rathaidean, glanadh nan sràidean agus taighean-beaga.
Bidh a' chiad choinneamh de Chomataidh an Eilein Sgitheanaich ann am Port Rìgh Diluain.