"Ìre èiginneach" ann an Dùn Èideann

Bhun-sgoil Taobh na Pàirce

Tha suidheachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann air "ire èiginneach" a ruighinn, a rèir fear sa bhaile a th' air a bhith a' strì fad bhliadhnaidhean às leth a' chànain.

Bha Iain MacLeòid a' bruidhinn 's Comhairle Dhùn Èideann ag innse nach fhaigh a h-uile sgoilear à Bun-sgoil Ghàidhlig Taobh na Pàirce àite aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig an ath-bhliadhna sgoile.

'S ann dha Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig a bhiodh sgoilearan na Gàidhlig a' dol bho thùs.

A rèir na Comhairle, ge-tà, cha bhi àite anns an sgoil dhaibh uile am-bliadhna, is coltas gum bi cuid dhuibh a' dol gu Àrd-sgoil Tynecastle.

"Cothrom"

Thuirt Iar-cheannard na Comhairle, Sandaidh Howat, gur e "cothrom" a tha seo an cànan a sgapadh gu sgoiltean eile sa bhaile.

Chan eil pàrantan ag aontachadh is iad a' fàgail air an ùghdarras nach eil iad a' tuigsinn mar a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ag obair.

'S e clasaichean dha luchd-ionnsachadh na Gàidhlig a th' ann an Tynecastle an-dràsta.

Tha Iain MacLeòid, a tha na cheann-suidhe air a' Chomann Ghàidhealach, air a bhith ag iomairt às leth na Gàidhlig fad bhliadhnaichean.

Thuirt e gu bheil an cànan ann an Dùn Èideann air ìre èiginneach a ruighinn.

Ro-innleachd

"Bu chòir dha comhairle sam bith a bhith a' beachdachach air ro-innleachd a tha iomchaidh agus fad-ùine a thaobh foghlaim agus gum bi pàrantan is teaghlaichean a' tuigse, nuair a gheibh iad a' chlann a-steach dhan t-siostam, gum bi sin a' leantainn cho fad 's a tha sin comasach suas gu ìre àrd-sgoile", thuirt Mgr MacLeòid.

"S e suidheachadh èiginneach a th' ann dhan chloinn a tha sin ann am prìomh 7 aig an ìre seo.

"S e sin an suidheachadh a th' againn, nach eileas a' coimhead ri seo mar shiostam foghlam leantainneach", thuirt e.

Thèid an gnothach a dheasbad aig Comhairle Dhùn Èideann Dimàirt.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile