Leasachadh san amharc aig Cruachan

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Ian Taylor / Geograph

Tha a' chompanaidh Scottish Power a' sireadh taic an Riaghaltais airson planaichean gus an stèisean dealain aig Cruachan ann an Earra-Ghàidheal a leudachadh gu mòr.

Dh' iarradh iad dam eile a thogail aig an stèisean gus an comas dealain a th' ann a dhùblachadh.

Bidh an stèisean a' cruthachadh agus a' stòradh dealain.

Pumpadh

Tha e ag obair le uisge à Loch Obha a phumpadh gu h-àrd nuair a tha dealan ri cheannach saor, agus ga stòradh gus am bi cumhachd a dhìth agus prìsean nas àirde ann.

Thuirt Scottish Power gu bheil fàs ann an cumhachd ath-nuadhachail a' fàgail gum bi feum air àite a bharrachd airson cumhachd a stòradh.

Chosgadh an leasachadh suas ri £400m.

Gealltanas

Thuirt Scottish Power nach tèid e air adhart gun gealltanas bhon Riaghaltas air bun-phrìs an dealain.

Thuirt iad gun gabhadh iad ri casg air prothaidean mar phàirt den aonta sin.

Chaidh an stèisean aig Cruachan fhosgladh ann an 1965.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh