Iomagain air Blythswood

Blythswood Image copyright Blythswood

Tha strì ùr air thoiseach air a' chathrannas Ghàidhealach Blythswood is iad air taic a chall mar phàirt de ghearraidhean Comhairle na Gàidhealtachd.

Chaidh Blythswood a stèidheachadh ann an 1966 is tha iad air fàs gu mòr bhon uairsin.

'S e buille a bha seo nach robh iad ag iarraidh is iad a' comharrachadh 50 bliadhna.

Tha an cathrannas a' cumail cosnadh ri 64 duine air a' Ghàidhealtachd is còrr is 250 duine gan cuideachadh gu saor-thoileach.

Bidh iad ag obair an dà chuid ann an Alba agus thall-thairis.

Taic

'S iad a tha a' ruith Banca Bidhe na Gàidhealtachd is taic aca cuideachd dha daoine a tha a' fulang ri trioblaidean dibhe.

Tha cuideachd sgeama ath-chleachdaidh is ath-chuairteachaidh aca.

'S e Blythswood fhèin a tha a-nise feumach air taic, tha iad ag ràd,

'S e sgeama ath-chleachdaidh is ath-chuairteachaidh na buidhne a tha air taic a chall bho Chomhairle na Gàidhealtachd.

Dh'aontaich an t-ùghdarras gearraidhean de chòr is £30m.

Gearradh

Caillidh Blythswood £141,000.

"Bha fios againn gun robh e a' dol a thighinn, ach 's e gearradh mòr, mòr a bha seo. Cha robh dùil againn ri sin", thuirt Murchadh MacAoidh, a tha ag obair dhan chathrannas ann am Baile Eoghainn.

"Feumaidh sinn a bhith ciallach is faiceallach san rud a tha sinn a' dèanamh, agus bidh sinn ag iarraidh cuideachadh bhon phobal.

"Tha sinn an dòchas nach bi duine a' call an cosnadh. Cuid de na daoine a th' againn, bhiodh e doirbh dhaibh obair fhaighinn ann an àite eile.

"Tha mi an dòchas co-dhuibh nach bi obraichean air an call, chì sinn", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile