Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Aonadh Eòrpach

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gu bheil na h-uimhir as urrainn dhan iomairt ron referendum air àite Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach, ionnsachadh bhon referendum a bh' ann air neo-eisimeileachd na h-Alba ann an 2014. Thuirt i gun do bhrosnaich sin deasbad a bha fallain do dheamocrasaidh. Agus thuirt i nam bhòtadh Alba airson fuireach anns an EU, agus an còrr dhen Rìoghachd Aonaichte airson falbh, gum bi iarrtas às ùr ann airson an dàrna bhòt air neo-eisimeileachd do dh' Alba. Rinn i follaiseach, ge-tà, gu bheil ise ag iomairt airson Breatainn a chumail anns an EU.

Siria

Tha na Dùthchannan Aonaichte an dòchas tuilleadh taic a thoirt do shluagh Shiria, agus fois bhon chogadh shìobhalta air obrachadh gu ìre ann an cuid de sgìrean. Tha an UN an dùil cobhair a chur gu còrr 's 150,000 duine ann an Siria an t-seachdain seo.

Bùthan

Tha Co-bhanntachd Bùtha Bhreatainn dhen bheachd gum faodadh 900,000 cosnadh falbh anns an roinn sin air an ath dheich bliadhna. Tha aithisg bhon bhuidhinn ag ràdh gu bheil gluasad gu ceannach air-loidhne agus tuarasdal ùr bith beò a' ciallachadh nach bi uimhir de dhaoine ag obair ann am bùthan agus gum bi na mìlltean dhiubh sin a' dùnadh air feadh na dùthcha.

Fearann

Tha Ministear Ath-leasachaidh an Fhearainn, an Dtr Aileen NicLeòid, ann an Uibhist a Deas an-diugh far a bheil am fearann fo smachd urras coimhearsnachd, Stòras Uibhist. Tha dùil ri dearbhadh bhuaipe gun tèid cho mòr ri £10m a chur gach bliadhna ris an stòras airson coimhearsnachdan a chuideachadh am fearann a cheannach dhaibh fhèin.

Cruachan

Tha Scottish Power am beachd leudachadh gu dhà uimhir a dhèanamh air ionad hydro a' Chruachain ann an Earra-Ghàidheal. Tha a' chompanaidh ag iarraidh taic-airgid bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson sgeama a chosgadh £400m.

An t-Eilean Sgitheanach

Tha oidhirp Comhairle na Gàidhealtachd air deamocrasaidh ionadail a' gabhail ceum eile an-diugh agus comataidh ùr an Eilein Sgitheanaich a' coinneachadh airson a' chiad uair. Tha a' Chomhairle ag amas air barrachd smachd a thoirt dha na sgìrean an dèidh do chuid a' bhuill a bhith a' gearain gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd, mar ùghdarras, ro mhòr airson aire cheart a thoirt do chùisean ionadail.