Mòd Dhail Riata air tighinn gu ceann
- Published
Tha am mòd ionadail ann an Ceann Loch Gilp air a dhol à bith.
Dh'innis an fheadhainn a bha a' cur air dòigh Mòd Dhail Riata nach tàinig duine air adhart gus na bearnan a bh' air a' chomataidh a lìonadh.
Bha am mòd fhèin air a bhith tràng le clann is inbhich.
Thuirt Murchadh Dòmhnallach, a bha uair air a' chomataidh, gun robh iomadh còisir san sgìre mun cuairt nuair a chaidh am mòd a stèidheachadh.
Tha cuid a bha a' frithealadh air ag ràdh gur e call a th' ann nach bi am mòd ann tuilleadh.
"B'àbhaist dhomhsa a bhith a' dol ann agus bha a h-uile duine cho laghach, 's e mòd anabarrach math a b'àbhaist a bhith ann", thuirt Lisa NicDhòmhnaill.
"Truagh"
"Tha e truagh gu bheil a h-uile càil an sin a a' stad", thuirt i.
Thuirt stiùriche a' Mhòid Nàiseanta, Seònaid Dhòmhnallach, nach e comharra a tha seo gu bheil na còisirean fhèin a' crìonadh.
"Chan eil iad a' dol sìos. Bha còisir ùr againn an-uiridh à Loch Abar agus tha fios gum bi iadsan a' cumail a' dol.
"Chan eil iad a' dol sìos ach 's dòcha gu bheil na coisirean anns na h-àitichean nas lugha a' dol sìos bho chionn tha daoine a' siubhail do na bailtean mòra agus 's dòcha gum bi iad a' dol ann an còisirean anns na h-àiteachan sin", thuirt i.
Dh'innis i cuideachd gun robh an Comunn Gàidhealach deònach taic a thoirt dhan chomataidh ann an Ceann Loch Gilp, ach nach d'fhuair iad cuireadh dhan choinneimh mu dheireadh aca.