"Dragh mòr" a' mhodaràtoir mu Dhùn Èideann

An t-Ollamh Urramach Aonghas Moireasdan Image copyright Gavin Anderson Photography

Chaidh Modaràtor Eaglais na h-Alba an sàs san deasbad mun Ghàidhlig ann an Dùn Èideann is e ag ràdh gu bheil "dragh mòr" air.

Dh'innis Comhairle Dhùn Èideann gu bheil coltas ann nach fhaigh a h-uile sgoilear à Bun-sgoil Ghàidhlig Taobh na Pàirce àite aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig air an ath-bhliadhna sgoile.

'S ann dha Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig a bhiodh sgoilearan na Gàidhlig a' dol bho thùs.

A rèir na Comhairle, tha cus ag iarraidh dhan sgoil is coltas gum bi cuid a' dol gu Àrd-sgoil Tynecastle.

Iongadh is Tàmailt

Thuirt an t-Ollamh Urramach Aonghas Moireasdan gun do chuir e an gnothach iongadh air is gu bheil e air a thàmailteachadh leis.

Thuirt e gu bheil dragh air gu sònraichte mu na sgoilearan ann an Clas a 7 a bha an dùil gun robh iad a' dol gu Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig.

Dh'innis e gu bheil dragh air gum faodadh "buaidh mhillteach" a bhith ann air foghlam Gàidhlig sa phrìomh bhaile.

"Tha e glè chudromach gum bi fios aig pàrantan ann an Dùn Èideann a tha air foghlam Gàidhlig a thaghadh air na bhios an dàn dhan chuid chloinne tro bhliadhnaichean na h-àrd-sgoile", thuirt an t-Oll Urr Moireasdan.

Earbsa

"Mura h-eil earbsa aig pàrantan mun sin, dh'fhaodadh gum bi buaidh air cia mheud a tha a' taghadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"Tha an t-eagal orm, ma 's e is gu bheil Gàidhlig a' crìonadh ann am prìomh bhaile na h-Alba, gu bheil i ann an suidheachadh cugallach dha-rìribh.

"Dè an teachdaireachd a tha Comhairle Dhùn Èideann a' cur a-mach dhan t-saoghal ma tha iad a' moladh suidheachadh na cànain a dhèanamh nas cugallaiche?

"Chuir siostam foghlam na h-Alba, nam bheachd, ri crìonadh na Gàidhlig gu h-eachdraidheil. Tha mi den bheachd gum bu chòir dhan t-siostam sin a bhith a' dèanamh gach rud as urrainn dha a-nise gus an cànan ath-bheòthachadh.

Taic

"Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur taic ris a' Ghàidhlig ach tha barrachd chloinne ag ionnsachadh Cuimris is Gaeilge.

"Chan urrainn do dh'Alba leigeil le foghlam Gàidhlig crìonadh sa phrìomh bhaile", thuirt e.

Coinnichidh Comhairle Dhùn Èideann Dimàirt gus na molaidhean a dheasbad.

Dh'iarr an t-Oll Urr Moireasdan gun tèid dàil a chur air co-dhùnadh co-dhiù gus an tèid co-chomhairle a dhèanamh leis an fheadhainn air am biodh buaidh.

Dragh

Thuirt Comhairle Dhùn Èideann gu bheil iad mothachail gu bheil dragh air cuid de phàrantan mun chùis.

Dh'innis iad gu bheil iad a' meòrachadh air na draghan sin air thoiseach air a' choinneimh Dimàirt.

Thuirt iad gu bheil iad a' cur làn thaic ri foghlam Gàidhlig sa bhaile is iad air bun-sgoil Ghàidhlig fhosgladh ann an 2013, agus le barrachd Ghàidhlig aig Àrd-sgoil Tynecastle agus na bun-sgoiltean a tha a' frithealadh oirre.

Tha Gàidhlig a-nise na pàirt de bheatha nan sgoiltean a tha ga cleachdadh, thuirt iad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile