Àrdachadh air fàire aig Cùirt Eden?
- Air fhoillseachadh
Tha ceannardan taigh-cluich Cùirt Eden a' cumail a-mach gum faodadh gum feum iad prìsean thiceadan a chur suas air sgàth gearraidhean san t-suim airgid a tha iad a' faighinn.
Thuirt iad gum faodadh cuideachd gum feumadh iad an àireamh chlasaichean a bhios iad a' ruith a lùghdachadh.
Cho-dhùin Comhairle na Gàidhealtachd £100,000 a ghearradh bhon taigh-cluich.
Thàinig an naidheachd an t-seachdain sa chaidh agus a' chomhairle air taic a chuir ri sàbhalaidhean de na milleanan.
Briseadh dùil
Tha ceannardan Cùirt Eden ag ràdh gu bheil an naidheachd air ìognadh a chur orra agus gu bheil e na bhriseadh dùil mòr.
Ann an aithris sgrìobhte, thog iad air an obair a rinn iad gus teachd a-steach a bharrachd fhaighinn dhaibh pèin.
Thuirt iad gu bheil coltas ann gu bheil iadsan air a bhith air am peanasachadh air sgàth an soirbheas, an taca ri buidhnean eile nach eil air uidhir a dhèanamh airson iad fhèin a chuideachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 29 An Gearran 2016