Cùmhnant son Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

plans Image copyright Highland council
Image caption Tha pàrantan air a bhith strì son bliadhnaichean son an Sgoil Ghàidhlig.

'S iad a' chompanaidh Robertson Construction a fhuair an cùmhnant airson Sgoil Ghàidhlig ùr a thogail ann am Port Rìgh.

Chaidh seo a dhearbhadh Diluain aig a' chiad choinneamh de Chomataidh an Eilein Sgitheanaich aig Comhairle na Gàidhealtachd.

Cosgaidh am pròiseact £8.7m not le dùil gun tòisich obair togail nas fhaide dhen bhliadhna agus gu fosgail an sgoil ro dheireadh 2017.

Thuirt Cathraiche Comataidh Roinn an Fhoghlaim, Drew Millar gum bi an sgoil ùr na bhuannachd do choimhearsnachd na Gàidhlig air feadh sgìre thaobh siar na Gàidhealtachd agus gun toir e piseach air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san eilean.

St

"Se ceum mòr a tha seo do phàrantan a tha air a bhith a' strì fad bhliadhnaichean son sgoil Ghàidhlig fa leth ann am Port Rìgh".

Tha an cùmhnant seo mar phàirt de phrògram calpa luach £14.8 m not a thathas a' cosg air toglaichean foghlam anns a' bhaile, a' toirt a-steach rathad ùr dhan sgoil; ath-leasachadh air seann ostail Eilginn son àite-fuirich ùr do sgoilearan aig Àrd Sgoil Phort Rìgh.

Thèid seann togalach nam balach agus togalach Mhairead Charnegie a' leagail cuideachd.

Chur riaghaltas na h-Alba £4.75m ri proiseact na sgoile.

Fosglaidh an t-àite-fuirich ùr dhan chloinn san àrd-sgoil as deidh saor-laithean na Càisge am bliadhna.