Boireannach a bha a dhìth air a lorg
- Air fhoillseachadh
Dhearbh na poilis gun deach boireannach a bha a dhìth ann an Inbhir Nis a lorg.
Chunnacas Aline Kuindersma, 40, mu dheireadh mu 6f Diluain faisg air Ospadal New Craigs sa bhaile.
Thuirt na poilis gun deach a lorg madainn Dimàirt is gu bheil i a-nise fo chùram luchd-obach slàinte.
Bha heileacoptair nam maor-cladaich a-muigh ga lorg tron oidhche.