BBC Naidheachdan

Moladh Dhùn Èideann ga tharraing

Published
media captionFaochadh do sgoilearan Dhùn Èideann

Chaidh molaidhean connspaideach a thaobh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann a tharraing.

Bha comataidh an fhoghlaim gus a bhith a' beachdachadh Dimàirt air plana a bhiodh air àite ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig a dhiùltadh do chuid de sgoilearan na Gàidhlig.

Dh'innis aithisg bhon Chomhairle gun robh cus ag iarraidh dhan sgoil, is gun robh a h-uile coltas ann gum feumadh cuid de sgoilearan bho Bhun-sgoil Taobh na Pàirce a dhol gu Àrd-sgoil Tynecastle.

Chuir sin an caothach air pàrantan, is iad a' fàgail air a' Chomhairle nach robh iad a' tuigsinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Lagh

Chaidh Bòrd na Gàidhlig an sàs, is iad a' bagairt a dhol gu lagh an aghaidh Comhairle Dhùn Èidean nan rachadh am plana air adhart.

Bha sin ann às dèidh do Mhodaràtor Eaglais na h-Alba a' Chomhairle a chàineadh.

Dhearbh a' Chomhairle madainn Dimàirt gun deach an aithisg a tharraing à clàr na coinneimh.

Bha toiseach car sradagach aig comataidh an fhoghlaim is cuid de chomhairlichean a' ceasnachadh cuine is carson a chaidh na molaidhean a thoirt far a' chlàir.

A h-uile sgoilear

Chuala a' choinneamh an uairsin gum faigh a h-uile sgoilear bho Bhun-sgoil Taobh na Pàirce àite aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig air an ath-bhliadhna sgoile.

Thig molaidhean ùra air beulaibh na Comhairle sa Chèitean

Thuirt pàrantan gu bheil iad an dòchas gum bi pròiseas ga stèidheachadh san àm ri teachd a thaobh co-dhùnaidhean mun Ghàidhlig sa bhaile.

Bu chòir pàrantan, luchd-obrach is coimhearsnachd na Gàidhlig sa bhaile san fharsaingeachd a bhith na lùib, dh'iarr iad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Am Bòrd air a dhol an sàs an Dùn Èideann