Uardan dùinte aig an Rathaig Mhòr

Noro-bhìoras

Thèid tri uàrdan ann am prìomh ospadal na Gàidhealtachd a chumail dùinte Dimàirt agus an galar noro-bhìoras fhathast ma sgaoil annta.

'S iad uardan 7C, 2C is 2A a tha dùinte.

Tha Seirbheis Slàinte na Gàidhealtachd air a bhith a' stri ris a' ghalar ann an ospadal an Rathaig Mhòir bho chionn còrr is seachdain.

Dh'innis iad an t-seachdain seo chaidh gun robh casg air luchd-tadhail is noro-bhìoras san togalach.

Tha e coltach gun do shoirbhich sin gu ìre, ach tha fhathast còrr 's 50 euslainteach air a bheil air an galar.

Tadhal

Chan fhaod fhathast ach dithis tadhal air gach euslainteach san ospadal.

A rèir rannsachaidh a rinn Oithigh Cailleanach Ghlaschu, b' e an co-dhùnadh ceart dhan tainig ceannardan na seirbheis slàinte.

Sheall an sgrudadh gu bheil còrr 's 85% de dhaoine a tha a' cleachdadh an NHS a' gabhail ris gum bu chòir cumail air falbh bho ospadalan nuair a tha tinneasan den t-seòrsa seo nan trioblaid.

Dh'iarr an luchd-rannsachaidh gum bu chòir poileasaidh nàiseanta a stèidheachadh airson dèanamh cinnteach gu bheil gach bòrd-slàinte ann an Alba a' toirt seachad comhairle dhan phobal mun chùis.