Buaidh Outlander
- Published
Thàinig àrdachadh air na thadail air ionadan turasachd na Gàidhealtachd an-uiridh is coltas ann gur e am prògram tbh Outlander a bu choireach, gu ìre.
'S e a' bhuidheann Comann nan Làrach Turasachd Albannach a rinn an sgrùdadh.
Fhuair iad gun robh àrdachadh de 3.5% anns na thadhail air làraich air feadh na h-Alba ann an 2015.
Soirbheachail
Bha bliadhna shoirbheachail aig grunn làraich air a' Ghàidhealtachd.
B' e Caisteal Urchadain a bh' aig mullach na liosta aig tuath.
Thàinig 350,000 dhan chaisteal ann an 2015, àrdachadh 5.5% air a' bhliadhna roimhe.
Bha àrdachadh cuideachd aig Ionad Blàr Chùil Lodair, agus aig Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd ann am Baile Ùr an t-Slèibh.
Bha bliadhna air leth cuideachd aig Jacobite Cruises, a bhios a' toirt luchd-turais air chuairtean air Loch Nis.
Buaidh
Tha Comànn nan Làrach Turasachd Albannach den bheachd gun robh buaidh mhòr aig Outlander air a' chùis.
Chaidh an t-sreath telebhisein, stèidhichite air na leabhraichean aig Diana J. Gabaldon, a chraoladh an toiseach ann an 2014.
Chaidh cuid den t-sreath a chlàradh air a' Ghàidhealtachd is tha na h-uimhir de Ghàidhlig a' nochdadh ann.