Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Marine Harvest

Thuirt Marine Harvest gu bheil iad a' gearradh 80 dreuchd agus gum bi còrr math 's air dàrna leth dhuibh sin ann an sgìre Loch Abair. Thuirt iad ron seo gun robh iad a' cur atharrachaidhean mòra an sàs sa chompanaidh. Chaidh innse gun deadh 12 cosnadh a chall ann am Malaig, far a bheil factaraidh aca. Thèid 11 dreuchd a chall anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Ailse agus thèid na gearraidhean eile a chur an sàs ann an Earra-Ghàidheal, na h-Eileanan an Iar, Taobh Siar Rois agus Fìobha, far a bheil oifisean aca. Thuirt a' chomanaidh àrach bhradain gun robh iad duilich a bhith a' call luchd-obrach ach gun robh iad a' dèanamh seo airson cosnaidhean a chaomhnadh anns an ùine fhada.

Dùn Èideann

Thàinig dearbhadh bho Chomhairle Dhùn Èideann gu bheil iad air aithisg a bha a' dol air beulaibh comataidh an fhoghlaim an-diugh a tharraing air ais. Bha dragh mòr air pàrantan aig a bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile gun robh an aithisg ag ràdh gum faodadh nach biodh àite anns an aon àrd-sgoil a tha a' tabhainn teagasg sa Ghàidhlig, dhan a h-uile sgoilear a tha sa bhun-sgoil Ghàidhlig an dràsta. Thuirt Pàrantan Gàidhlig Dhun Eideann gun robh iad a-nise dòchasach gun deadh dòigh ùr aontachadh a thaobh co-dhùnaidhean sam bith air foghlam Gàidhlig ann an Dùn Èideann.

Inimrichean

Tha àireamh mhòr de dh' inimrichean fhathast a' ruighinn crìochan na Grèig le Macedonia agus iad a' feuchainn ri ceann a tuath na Roinn Eòrpa a ruighinn. Bha tuilleadh fòirneart an sin tron oidhche. Tha 7,000 duine - a' mhòr chuid dhuibh à Siria agus Irac, ann an campaichean ann an achaidhean aig a' chrìch. Tha Macedonia air iarraidh air an Aonadh Eòrpach siostam imriche foirmeil aontachadh.

Calais

Tha ùghdarrasan ann an Calais san Fhraing air tòiseachadh às ùr madainn an-diugh air daoine a ghluasad a-mach à campa air a bheilear a' gabhail an Jungle, far a bheil na mìltean de dh' inimrichean air a bhith a' còmhnaidh ann am bothain. Tha na poilis air rabhadh a thoirt gun cleachd iad làmhachas làidir ma dhiùltas na h-inimrichean gluasad a-mach.

Cumhachdan

Thèid buidheann ùr a chur air chois ann an Alba a bhios a' ruith nan sochairean sòisealta ùra air am bi smachd aig riaghaltas na dùtcha fo chumhachdan ùra. Dh' fhoillsich Rùnaire Ceartas Sòisealta na h-Alba, Ailig Neil, an naidheachd. Bidh esan os cionn deasbaid air a' chuspair aig Holyrood feasgar. Thuirt Mgr Neil gu robhar ag amas air urram is a h-uile spèis a shealtainn dha na tagraichean air fad. Am measg na bhios fo smachd Alba, bidh cuideachadh do luchd-cùraim agus cuideachd sochairean do chiorramaich.

Barclays

Tha earrannan ann am Banca Bharclays air tuiteam gu grad agus iad a' foillseachadh gun do thuit na prothaidean aca 2% gu £5.4bn. Dh' innis iad gu bheil iad a' cur às do cheangalaichean eachdraidhean le Afraga, a' gearradh poit nam bonasan do luchd-obrach 10% agus bidh na gheibh luchd nan earrannan an ath-bhliadhna leth uidhir sa chleachd. Tha cuid de eòlaichean ag ràdh gur e atharrachadh mòr, mòr a tha seo don bhanca.