Gearradh a' ghearraidh na bhuille do Leòdhas

Siabost
Image caption Tha Camanachd Leòdhais ag ràdh gum feum am feur a ghearradh nas trice na thathas a' moladh.

Tha dragh air Camanachd Leòdhais mun naidheachd nach tèid am feur aig pàirce Sgoil Shiaboist, far am bi iad a cluich, a ghearradh cho tric 's a b' àbhaist.

Bha Comhairle nan Eilean Siar a' gearradh an fheòir aig a' phàirce gach seachdain.

A niste, ge-tà, cha thachair sin ach a h-uile dàrna seachdain.

Tha seo mar phàirt de shàbhalaidhean air a bheil an t-ùghdarras ionadail ag amas.

A thuilleadh air iomain, tha ball-coise cuideachd air a chluich air a' phàirce.

Cunnartach

Thog fear de chluicheadairean Camanachd Leòdhais, Pòl Diùc, dragh mun bhuaidh a dh' fhaodadh an gnothach a thoirt air na geamannan aca.

"Ma tha thu a' smaoineachadh air ball-coise, 's cho mòr 's a tha am ball, ma tha am feur beagan nas fhaide chan eil e dèanamh mòran dragh.

"Ach a thaobh iomain, chan eil am balla ach trì òirlich agus tha sin a' ciallachadh gu bheil na dìtheanan nas àirde na sin agus an uairsin 's urrainn dhan bhalla a dhol air chall.

"Ma tha sinne gu bhith a' ruith mun cuairt le na camain agus a' feuchainn ri sin a bhualadh...tha e gu math cunnartach dha na cluicheadairean air fad."

Dragh

Bhruidhinn Diùc cuideachd mun dragh a th' orra gur dòcha gun adbhraich seo mì-thoileachas am measg sgiobaidhean a bhios iad a' cluich.

"Feumaidh a' phàirce a bhith cho math 's a 's urrainn dhi a bhith.

"A' chiad gheam a bh' againn 's lìog aig an taigh, thuirt Ùisdean MacIllinnein gur i tè de na pàircean 's fheàrr a bh' ann am bliadhna sin air feadh na h-Alba.

"Nuair a tha sgiobaidhean a' cluinntinn gu bheil a 'phàirce math, tha iad airson tighinn ann.

"Ach ma bha iad a' dol air falbh agus a' bruidhinn ri Comann na Camanachd 's a' gearain nach robh a' phàirce cho math 's a b' urrainn dhi a bhith, tha sin a' cur dragh air na sgiobhaidhean a tha a' tighinn a-null agus tha e a' cur dragh oirrne."

Gluasad?

Aig a' cheart àm, dh' aidich Diùc gu bheil iad fhathast a' coimhead airson pàirce nas fhaisge air Steòrnabhagh.

"Tha a' mhòr chuid de sgiobaidhean a' tighinn far a' bhàta-aiseag ann an Steòrnabhagh agus bhiodh sin (pàirce anns a' bhaile) na b' fheàrr dhuinne, dhaibhsean agus dhan luchd-leantainn.

"Tha sinn a' cluinntinn gu bheilear a' coimhead air pàirce a th' air cùlaibh Sgoil MhicNeacail a leasachadh.

'"S e am beachd a th' agamsa gu bheil mi airson feuchainn ri toirt orra sin a chur na pàirce iomain seach ball-coise agus rugbaidh a th' ann an Steòrnabhagh mar-thà", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile